Contemporary Blog,  News / Blog

Peatlemania Peat and Desiel

Thàinig Peat and Diesel nam lasair às an dualchas agus thug iad leotha deannan math de òigridh nan rìoghachd. Air a mhìos-sa tha nan gillean à Leòdhais, air àrd ùrlair an Lunnainn ’s bailtean mòra na h-Alba agus na tiocaidean, a mhionaid a bha iad rim fhaighinn, air an reic ann an tiotadh.

Tha am ceòl aig Peat and Diesel tarraingeach, luath, Gàidhealach le buillean electronigeadh, tha nam facail eileanach, le abairtean Gàidhlig a-measg nam Beurla.

Bho chionn bliadhnaichean thathas air a bhith mothachail, gum bheil beàrn mòr eadar ginealaich san latha a th’ann. Thathas a moladh gum b’fheàrda gach nì a bhi thar-ghinealach no intergenerational agus thabhair thusa gum bheil. Le seanairean ‘s oghaichean a’leantainn P&D air loidhne, an aois ag ionnsachadh mu teicneolas ùr, fhads a tha iad a freagairt ceistean mu na tha sna h-amhrain.

Tha an t-òigridh aig a bheil buntanas ris na h-eileanan, a tha a’fuireach ‘s a’ bhaile mhòr, air ceanglaichean nas làidir a dhèanamh ris an àite, ri linn Peatlemania. The buain mhonadh, biathadh chaorach, boiler suit agus bòtannan mora, a nise nan eanchainn agus as an fhasan.

Chur an tarraing a tha an ceòl P& D iongnadh ormsa. Rinn mi air Tormod Caimbeul fear a tha tuigseach ‘s lèirsinneach sa bhios a cumail sùil geur air saoghal a chùil agus gu seachd àraid an ceòl ionadail às na h-eileanan a tha a’ taomadh a mach gu tìr mòr.

“Bhiodh amhrain agus ceòl a riamh a tarraing air cuimhneachain agus cianalas, seòrsa de nostalgia. Amhrain Runrig bha iadsan làidir a thaobh lathaichean geala ar n-òigridh, eu-ceartasan an fhearainn air Ghàidhealtachd, freumhan dhaoine agus iomadh nì a bha bualadh air faireachdainnean. Ri-linn nach eil Runrig a-nis air tour, bha beàrn mòr ri lìonadh”

Sin am beachd aig Thormod Caimbeul, thug mi ùine a meòrachadh air bhon uair ud. ‘S dòcha cuideachd gum feum gnè Ceilteach a bhith nam do bhodhaig mus còrd e riut. Tha earrainnean dhan Roinn Eòrpa ’g iarraidh P&D a chluinntinn beò a dh’aithghearr.

Gu-ta chan an, a leantainn fasan a thàinig bho thaobh thall a’ chuan a tha iad. Tha Peat and Diesel air feum a dhèanamh do d’ iomadach duine beag ’s mòr, a toirt toileachas, càirdeas, gàire, spaoidhs dannsa agus an rud ‘s motha builleach, ‘s e gun tug iad fèin aithne, identity, dhan òigridh.

Chan eil teagamh sam bidh aig nam balaich ud, co iad, ’s cò na daoine bhon tàinig iad.

Gum rachadh dhaibh aig nam fèisean mora thall sa bhos am bliadhna.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Leave a Reply