Heritage Blogs,  News / Blog

Research Àinmean Àite Nan Loch

Tha sinn air call ar grèim air ainmean àite mu na bailtean, an taca na bha aig cìobairean ar n-òige air an teanga. Tha mi air a bhith an luib iomairt no dha, a bha cruinneachadh ainm na làraich thar nam bliadhnaichean. Fhuair mi an cothrom mar oifigear raoin aig Ainmean Àite na h-Alba a dhol an sàs airson mìos ann an sgìre a bha faisg orm. Thagh mi baile Chromòr, Ceòs agus Gearraidh Bhàrd. Tha iad mu choinneamh a chèile air Loch Èireasoirt agus seo far am bithear tric, ag iarraidh aiseag thar Loch Eireasoirt am bad s chumhang dheth.

Ged a b’ e ainmean àite a bha na mo run, ‘s e na seanchasan a bha air cùlaibh gnothaichean a dh’ fhalbh leis an ùine. Tha fortanach gu bheileas ag iarraidh dual chainnt na sgìre agus na seanachasan ionadail a buntainn ri na làraich, an cois a chèile. Thabhair toileachas a ruith air na cìobairean, iadsan a bha a buain mhonadh, a nighe plaidhichean agus a slaodadh bùrn às an lochan air a bhiodh na tobraichean air traoghadh.

Chaidh bruidhinn air àitichean iasgach agus na comharran slèibh, thog seo duilicheadas airson am cur air clàr-dùtcha. Dh’ionnsaich mi ‘bho na bodaich’ gur e Poll ’s a’ Ghàidhlig-embankment an dearbh rud a tha a dèanamh soilleir an ceangal eadar Poll-monadh air a mhointich agus Am Poll Gorm agus Poll Rànais anns an fhairge. Tha coltas gum bheil an facal poll airson salachair, (nach eil air fhuaimneachadh san aon dòigh ri poll-embankment) air a chlàradh mar mhìneachadh foirmeil sa Bheurla, rud nach eile builleach a cumiseachadh air cruth na tire.

Ann an Ceòs tha criomagan ri chluinntinn fhathast mu na làraich a dh’fhàg an seann Eaglais a bha uaireigin air Eilean Thàbhaigh agus na bha na luib na h-eaglaise anns na lathaichean a dh’fhalbh. Tha an Gliob sin an diugh aig na daoine. Bha Ceòs an teis meadhan na sgìre: acair fasgach, Eaglais, Mansa, Taigh an Dotair, agus an linntinn roimhe sin bha na fògarraich am Prionnsa Teàrlach agus Mac an t-Srònaich a ruith nan cnuic ann.

Tha Cnoc a’ Mhaide an Geàrraidh Bhàrd far am biodh iad a crochadh dhaoine uaireigin agus Creag an Fhionnaidh a comharrachadh na famhairean bho linn Oisean

Tha baile Chromòr faisg air Eilean Cholm Cille, sin far an robh manaich aig aon am. Seo an aon cladh a bha air an astar uaireigin, tha ainmean mar Cnoc na Mairbh, Cnoc na Lic, Leas an Teampaill, A Bhuaile Mhanaich, Sgeir an Fhir Mhaoil agus An Crois Eilean a bha mar dearbhadh air an t-slighe, ga na h-eathraichean a bha tighinn dhan an Loch, a dèanamh gu Eaglais Eilean Cholm Cille uaireigin.

Tha iomadh criomag mu ainm nam cnuic agus na glinn rin clàradh fhathast. Cuideachd nam seanachasan prìseil a tha nan luib, a tha a togail air dòigh beatha nan daoine bho chian.

Thabhair thusa obair thlachdmhor an cois Ainmean Aite na h-Alba, chur e seachad mìosan a’ gheamhraidh.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Leave a Reply