Staing na Gàidhlig 1-3
’S iomadh atharrachadh a thàinig air na bailtean ann an Leòdhas anns na deich bliadhna mu dheireadh agus tha an leabhar The Gaelic Crisis in the Vernacular Community a’ dearbhadh gum bi a thuilleadh ann, mura tèid sinne air ar casan.
Tha cuid nach eil mothachail gun deach a ‘choimhearsnachd fhagail air an iomall agus na buidhnean oifigeil a dealbh planaichean gleansach na Gaidhlig. Cha teid an co-lionadh gu brath, gun an dualchas a tha laidir am freumhan a’ chanan anns na bailtean air an tuath. ‘S iomadh rud a ghabhadh a ràdh, ach dh’fhalbh siud agus thàinig an cothrom seo.
Tha mi air a bhith an sàs ann an iomadach rud sna bailtean agus tha làn fhiosam mar a tha an cànan a’ seargadh às. Dìreach gun fhios gu bheil duine às na h-eileanan a’ dol às àicheadh gu bheil an cànan air crìonadh cho mòr, seo suidheachaidhean a chuir fior iongnadh ormsa anns na deich bliadhna mu dheireadh.
Bodach air Na Lochan ag ràdh “Chan fhaic mi daoine a bhruidhneas mo chànan fhìn rium, bho aon Sabainn chun an ath fhear”. Nach eil sin fhèin tiamhaidh?
Pàrant bho thaobh eile an eilein ag innse dhomh gun deach iarraidh air a’ bhalach bheag sgoile aice a dhol a bhruidhinn ri inbheach aig an robh a’ Ghàidhlig airson deich mionaidean agus sgrìobhadh mu dheidhinn an uairsin. Cha robh fhios aice-se a bha gun Ghàidhlig, càit’ an toireadh i an leanabh airson sin a dhèanamh.
Anns an dearbh mhionaid sin, bha mi mothachail air cho sgapte ’s tha na Gàidheil an seo ann an Leòdhas. Nach ann oirnn a thàinig an dà latha.
Bidh mi cuideachd a’ cluinntinn mu luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha a’ tighinn bho thall thairis chun na h-eileanan, agus chan eil iad a’ lorg duine a bhruidhneas riutha sa chànan. Mo nàire!
Tha iomadach duine air an eilean aig nach eil tuigse air an staing anns a bheil an cànan. ’S mathaid gu bheil nàbachd, no àite-obrach far a bheil a’ Ghàidhlig meadhanach làidir, ach atharraichidh cùisean ann am priobadh na sùla. An taobh a-staigh deich bliadhna tha an rannsachadh The Gaelic Crisis in the Vernacular Community ag ràdh!
Chaidh coimeas a dhèanamh air àireamhan dhaoine aig an robh a’ Ghàidhlig thairis air na cunntasan-sluaigh bho 1981.
Tha an rannsachadh ùr seo a’ moladh trì slighean air àdhart; nam bheachdsa ’s e staran gu math dorch gun dòchas a tha sa chiad dhà.
Tha an treas ceum a’ moladh dòigh ùr air beachdachadh air an t-suideachadh agus na tha romhainn, le bhith a’ cur air chois co-obrachadh le bun-stèidh a bhios fo smachd na coimhearsnachd fhèin.
’S e glè bheag às na h-eileanan a tha air bruidhinn a-mach chun na h-ìre seo, ach bidh mise deònach mo ghualann a chur ri rud sam bith far an cluinnear beachdan chàich.
Ged nach e economist a th’ annam, tha mi gu math mothachail air a’ bhuaidh a bha aig na dh’ fhàg an eilean ri linn cion cosnaidh sna deich bliadhna mu dheireadh. Taighean a’ dol bàn agus Goill gan ceannach agus a-rèir beachdan san leabhar seo, tha obraichean agus cosnadh ceart, deatamach airson coimhearsnachd na Gàidhlig a thoirt cruinn agus am piobrachadh a dhol an sàs airson an cànan a thoirt dha daoine eile.
Tha deugachadh de phlanaichean oifigeil anns na fichead bliadhna mu dheireadh, air a bhith a’ moladh an dualchais agus a’ chànain againn mar USP (Unique Selling Point). Thàinig ormsa faighneachd cuideachd. Bhathas a’ cur luach mòr san dualchas às na h-eileanan mar ghoireas, a bheireadh thugainn luchd-tadhail agus bith-beò.
Thug Covid brag air turasachd air feadh an t-saoghail agus tha na h-eòlaichean a-nise ag ràdh gu bheil a h-uile mac màthair gu bhith a’ dol air saor làithean a-nis, mothachail air glèidhteachas san àite agus a sireadh rud sònraichte nach lorg iad ann an àite eile.
Tha gu leòr anns na h-eileanan a tharraingeadh iad agus a bheireadh dhaibh tlachd agus tuigse air cànan agus dòigh-beatha nan Gàidheal. Ach ’s e am fàilteachas sin a chur air a chasan, sin far am bi an obair.
Tha mi air a bhith ag obair an cois sgrìobhadairean Gàidhlig à seo fhèin, a tha gu math tuigseach agus ealanta, a tha a’ cur an cèill an dòigh-beatha, an dàimh eadar an cànan agus an àrainneachd agus an eòlas a bhathas a’ toirt seachad le beul-aithris. Tha iadsan a’ sgrìobhadh ann an uaigneas, gun duine a ‘dh’ èisteas an òrain’.
Saoil an tug na daoine èisteachd dha Calum Mairead à Àrnol a thug an rabhadh seo seachad bho chionn còrr is trì fichead bliadhna:
‘Oh cuimhnichibh nach trèig sibh i, gach Gàidheal tha an-diugh beò
Cha dèan i chaoidh ar sàrachadh, ach blàths tha innte gu leòr
Nuair bhios sibh anns na fàsaichean fo àmhghar no bho leòn
Bidh rann de dh’ òran Gàidhlig dhuibh nas fheàrr na ’m botal mòr.
’S dùinidh mi an dàn tha seo le aithne don na h-òig’
’S do gach neach a dh’àraicheadh an eilean àlainn Leòdhais
Seo an dìleab a chaidh fhàgail dhuinn le ar càirdean nach eil beò
Nach glèidh sibh pèin gu sàbhailt i don àl a thig fa dheòigh’.
Magaidh Nic a’ Ghobhainn
Tha an rannsachadh ùr The Gaelic Crisis in the Vernacular Community, a’ dearbhadh a’ chrìonaidh a tha air tighinn air an dualchas agus an cànan againn. Tha gach cuid, deatamach airson iùil dhan òigridh agus dha mìltean luchd-ionnsachaidh a nochd bho chionn ghoirid ri linn Duolingo.
Le àireamh luchd na Gàidhlig a’ crìonadh anns na bailtean air an tuath ann an Leòdhas, chuir am buidheann-ealain coimhearsnachd Cabraich fios gu Bòrd na Gàidhlig. B’ e fàth ar turais gun robh sinn a’ togail a’ chànain an uaigneas, agus feumach air còmhradh riuthasan a bha a’ leasachadh a’ chànain air feadh na dùthcha. Bha sinn airson faighinn a-mach dè na dòighean a bha aig sgìrean eile, far an robh piseach air a thighinn air a’ Ghàidhlig… Cha tàinig freagairt sam bith.
Chualas mu na planaichean eireachdail, chuir mi fios mun Phlana Nàiseanta airson Ealain agus Dràma chun a’ Bhùird. Chaidh innse dhomh seach nach robh Cabraich anns a’ cho-chomhairleachadh bho thoiseach, nach biodh iad a’ gabhail ri ar beachdan co-dhiù. Cha do ghabh mi a-riamh uimhir a chais! Cha fhaca mi sealladh no iomradh air a’ phlana sin fhathast!
Nise, ma tha gnothach agad an Inbhir Nis, dh’ fhaodadh tu a dhol a-steach air muin cuideigin aig a’ Bhòrd. Chan eil mi fhìn a’ dol air an astar sin uair sam bith.
Fhuair mi a-mach bho chionn ghoirid gu bheil oifis aig Bòrd na Gàidhlig ann an Steòrnabhagh anns an Tosgan – An Gàidhlig Hub. Àite far nach robh mi a-riamh. Chaidh mi ann le litir aon latha. Cha d’ fhuair mi mo ghob a-steach, an doras glaiste agus b’ iongantach leam gun robh bucas a’ phuist fhèin fosgailte.
Tha Fòram na Gàidhlig am badeigin anns na h-Eileanan, dha buidhnean oifigeil a tha sin ge-tà, oir cho fada ’s fiosrach mi, chan eil duine bhon choimhearsnachd na lùib.
Tha mi air a thighinn chun a’ cho-dhùnadh nach eil dleastanas air Bòrd na Gàidhlig airson na coimhearsnachd. Tha iad air an iùil a chall, mar cù gun mhaighstir, gun eadhon an Riaghaltas a’ cumail ceann a’ mhaide riutha.
A-rèir sin, cò tha a’ dol a ghabhail an uallaich airson na thàinig à rannsachadh The Gaelic Crisis in the Vernacular Community? Tha an rannsachadh a rinn Soillse a’ moladh Urras na Gàidhlig, a bhios fo smachd na coimhearsnachd.
Feumaidh muinntir nam bailtean an cànan a sheasamh. Chan eil Bòrd na Gàidhlig a’ gabhail gnothach rinne aig a bheil a’ Ghàidhlig bho thùs. Chan eil sinn a’ faighinn èisteachd, cha deach faighneachd an robh beul oirnn. Chan eileas a’ gabhail ùidh às na tha a’ dol anns na coimhearsnachdan airson an dualchas a thogail tro na h-ealain, nas motha.
Thug sinn còig bliadhna deug a’ coimhead ri planaichean nàiseanta, planaichean na sgeilfe. Cha robh am buidhnean a’ bruidhinn às ur leth chun an seo agus chan eil càil a mhath earbsa a chur annta airson bruidhinn às ur leth a-nis. Feumaidh sinn sealltainn beò an làrach nam bonn.
Bho thàinig an aithisg a-mach tha còmhradh a’ dol an siud agus an seo air cùl gnothaich, ach feumaidh sinne togail oirnn, a’ togail a’ bhrataich an cois nan sgìrean eile, far a bheil an cànan an ìmpis a bhith mar deatach nan speur.
Gun teagamh chan eil an siostam a bha againn ag obrachadh dha na Gàidheil a tha air an tuath agus chan e ceist mun fhoghlam a tha seo idir, ach inbhich, agus a’ Ghàidhlig na cànan làitheil agus am beartas a tha na lùib.
Bhithinn toilichte bruidhinn ri duine sam bith às na bailtean, thall na a-bhos, aig a bheil beachdan làidir.
Magaidh Nic a Ghobhainn
Thàinig an leabhar aig Soillse The Gaelic Crisis in the Vernacular Community a-mach bho chionn còrr is bliadhna. Thog an leabhar dust mu chrìonadh a’ chànain agus mu leasachadh oifigeil a’ chànain. Bha an leabhar, am measg rudan eile, a’ moladh gum bu chòir choimhearsnachd nan eilean a bhith air an stiùir airson a bhith a’ togail na Gàidhlig san sgìre aca fhèin.
Chaidh am buidheann-iomairt Guth nan Siarach a chur air chois goirid an dèidh sin. A dh’aindeoin coinneamhan eadar Guth nan Siarach agus muinntir an Riaghaltais agus am prìomh bhuidheann oifigeil Bòrd na Gàidhlig, cha tàinig na còmhraidhean gu aonta, no adhartas, no gealladh air conaltradh san àm ri teachd.
Chaidh a ràdh gun robh seachd air fhichead neach leasachaidh na Gàidhlig sna h-eileanan mu thràth, feumaidh gu bheil iad uile ag obair a thaobh foghlaim – a rèir coltais chan eil coimhearsnachd a’ cunntadh fiach mur eil iad an lùib sgoil.
Chan eil guth air na molaidhean san leabhar The Gaelic Crisis in the Vernacular Community. Chaidh ceap a chur air agus tha sinne sa choimhearsnachd mar a bha sinn a-riamh, teaghlaichean a’ falbh le dìth cosnaidh, na ceanglaichean eadar muinntir an àite air sgapadh, chan eil an dualchas neo an cànan a’ sruthadh eadar ginealaichean. Tha buaidh na Beurla a’ tighinn air am blas a tha ri chluinntinn eadhon sna meadhanan, agus briathran air fàs gu math tana far an robh beartas.
Ach ged a tha sinne air a dhol ris a’ chreig, tha duine no dithis a’ togail an dualchais, mar chòmhlan an Titanic.
Bidh cruinneachadh air a bheil Rotal, còmhraidhean ri fichead iasgair le Gàidhlig gu an cùl, ann an clò a dh’aithghearr.
Thug cèilidh sa Ghàidhlig sia mìosan air-loidhne aig àm a’ Ghlasaidh, chruinnich sinn seinneadairean agus luchd-ciùil nach eil nan rionnagan media, ach an tac an teine fhèin, gach seachdain a’ coimhead air adhart ri daoine ùr a’ nochdadh, biodh iad às na h-eileanan, meadhan na h-Alba no Canada.
Sin an tachartas, le taic-airgid bhon Chorra Foundation, a fhuair àite ann an co-fharpais Pròiseact Coimhearsnachd na Bliadhna (an lùib duaisean Ceòl Tradiseanta) an t-seachdain seo fhèin!
Aig clas eacarsaich sa Ghàidhlig air-loidhne a-raoir, rinn mi gàirdeachas nuair a chuala mi gun robh tè òg à Los Angles a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig air a thighinn nar lùib, air sgàth an cliop a chunnaic i aig tachartas a’ Chòmhdail Cheiltich air-loidhne. Nach iongantach sin!
Bha am buidheann-ealain Cabraich san Iuchair, air fiolmaichean goirid de luchd-ciùil, luchd-ealain agus gnìomhachasan cultarail a chlàradh gu saor-thoileach, airson co-labhairt air-loidhne le na sia roinnean Ceilteach: Èirinn, Alba, Eilean Mhanainn, a’ Chuimrigh, a’ Bhreatainn Bhig agus a’ Chòrn.
Chaidh mo dhiùltadh airson maoineachadh bho Taic Freumhan Coimhearsnachd airson na trì iomairtean sin, Rotal, an cèilidh air-loidhne agus an Còmhdhail Ceilteach. Ach far am bi toil bidh gnìomh.
Ach ged a thàinig na trì pròiseactan sin gu buil, seo an ath dheuchainn. Bhuail e mi an-dè agus mi air tachairt ri dithis a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, faisg air an dachaigh an seo. Cha b’ ann fiù ’s còmhla a ràinig iad. Gach duine air a thighinn a Leòdhas mar gum b’ e Mecca na Gàidhlig a bha an seo sna h-eileanan.
Seo na ceistean a chur iad orm is mi gun freagairt:
Carson nach eil cùrsaichean-seachdain airson na Gàidhlig a’ ruith an Leòdhas air a’ gheamhradh?
Càit an tèid sinn airson a bhith a’ cluinntinn na Gàidhlig agus ar beagan Gàidhlig a bhruidhinn? Chunnaic sinn soidhne bheag san aon àite a-mhàin, ag ràdh gun robh iad a bruidhinn Gàidhlig ann am bùth, ach cha chuala sinn smid ann an-dè.
Cò a’ bhùth ann an Steòrnabhagh a tha a’ reic bràistean ag ràdh ‘Bruidhinn Gàidhlig rium’?
Cha b’ urrainn dhomhsa freagairt a thoirt dhaibhsan, a bha air a thighinn làn dùil is dòchais gum biodh iad air am bogadh ann an Canan a’ Ghàrraidh. Anns na bailtean air an tuath chan eil mothachadh aig cuid gu bheil an cànan an uchd a’ bhàis, agus aig ire buidhnean leasachaidh na Gàidhlig thathas a dol as àicheadh an rannsachaidh a chaidh a dhèanamh nar measg. Is iongantach mura fheum cuid acasan an cab a chumail dùinte, air sgàth an cosnaidh.
Mar a thuirt am bàrd Murchadh MacPhàrlain bho chionn fhada, Taigh-faire seann chànan nan Gàidheal agus chan eil aon deamadh air a ràdh mu dheidhinn.
Magaidh Nic a’ Ghobhainn, Samhain 2021