Staing na Gaidhlig

Tha an rannsachadh ùr The Gaelic Crisis in the Vernacular Community, a’ dearbhadh a’ chrìonaidh a tha air tighinn air an dualchas agus an cànan againn. Tha gach cuid, deatamach airson iùil dhan òigridh agus dha mìltean luchd-ionnsachaidh a nochd bho chionn ghoirid ri linn Duolingo.

Le àireamh luchd na Gàidhlig a’ crìonadh anns na bailtean air an tuath ann an Leòdhas, chuir am buidheann-ealain coimhearsnachd Cabraich fios gu Bòrd na Gàidhlig. B’ e fàth ar turais gun robh sinn a’ togail a’ chànain an uaigneas, agus feumach air còmhradh riuthasan a bha a’ leasachadh a’ chànain air feadh na dùthcha. Bha sinn airson faighinn a-mach dè na dòighean a bha aig sgìrean eile, far an robh piseach air a thighinn air a’ Ghàidhlig… Cha tàinig freagairt sam bith.

Chualas mu na planaichean eireachdail, chuir mi fios mun Phlana Nàiseanta airson Ealain agus Dràma chun a’ Bhùird. Chaidh innse dhomh seach nach robh Cabraich anns a’ cho-chomhairleachadh bho thoiseach, nach biodh iad a’ gabhail ri ar beachdan co-dhiù. Cha do ghabh mi a-riamh uimhir a chais! Cha fhaca mi sealladh no iomradh air a’ phlana sin fhathast!

Nise, ma tha gnothach agad an Inbhir Nis, dh’ fhaodadh tu a dhol a-steach air muin cuideigin aig a’ Bhòrd. Chan eil mi fhìn a’ dol air an astar sin uair sam bith.

Fhuair mi a-mach bho chionn ghoirid gu bheil oifis aig Bòrd na Gàidhlig ann an Steòrnabhagh anns an Tosgan – An Gàidhlig Hub. Àite far nach robh mi a-riamh. Chaidh mi ann le litir aon latha. Cha d’ fhuair mi mo ghob a-steach, an doras glaiste agus b’ iongantach leam gun robh bucas a’ phuist fhèin fosgailte.

Tha Fòram na Gàidhlig am badeigin anns na h-Eileanan, dha buidhnean oifigeil a tha sin ge-tà, oir cho fada ’s fiosrach mi, chan eil duine bhon choimhearsnachd na lùib.

Tha mi air a thighinn chun a’ cho-dhùnadh nach eil dleastanas air Bòrd na Gàidhlig airson na coimhearsnachd. Tha iad air an iùil a chall, mar cù gun mhaighstir, gun eadhon an Riaghaltas a’ cumail ceann a’ mhaide riutha.

A-rèir sin, cò tha a’ dol a ghabhail an uallaich airson na thàinig à rannsachadh The Gaelic Crisis in the Vernacular Community? Tha an rannsachadh a rinn Soillse a’ moladh Urras na Gàidhlig, a bhios fo smachd na coimhearsnachd.

Feumaidh muinntir nam bailtean an cànan a sheasamh. Chan eil Bòrd na Gàidhlig a’ gabhail gnothach rinne aig a bheil a’ Ghàidhlig bho thùs. Chan eil sinn a’ faighinn èisteachd, cha deach faighneachd an robh beul oirnn. Chan eileas a’ gabhail ùidh às na tha a’ dol anns na coimhearsnachdan airson an dualchas a thogail tro na h-ealain, nas motha.

Thug sinn còig bliadhna deug a’ coimhead ri planaichean nàiseanta, planaichean na sgeilfe. Cha robh am buidhnean a’ bruidhinn às ur leth chun an seo agus chan eil càil a mhath earbsa a chur annta airson bruidhinn às ur leth a-nis. Feumaidh sinn sealltainn beò an làrach nam bonn.

Bho thàinig an aithisg a-mach tha còmhradh a’ dol an siud agus an seo air cùl gnothaich, ach feumaidh sinne togail oirnn, a’ togail a’ bhrataich an cois nan sgìrean eile, far a bheil an cànan an ìmpis a bhith mar deatach nan speur.

Gun teagamh chan eil an siostam a bha againn ag obrachadh dha na Gàidheil a tha air an tuath agus chan e ceist mun fhoghlam a tha seo idir, ach inbhich, agus a’ Ghàidhlig na cànan làitheil agus am beartas a tha na lùib.

Bhithinn toilichte bruidhinn ri duine sam bith às na bailtean, thall na a-bhos, aig a bheil beachdan làidir.

 

 

Leave a Reply