Sailm Fo Sheol

Gospel Ship

Tha ath-nuadhachadh de chleachdadh a bha ann bho chionn fhada, air iomadh còmhradh a dhùsgadh ann an Leòdhas an lùib a’ phròiseict ealain Bàta nan Salm.

Mus tàinig an rathad mòr, bhiodh coithional air an t-slighe dhachaigh anns na h-eathraichean, an dèidh nan òrdaighean, a togail salm san dealachadh.

’S ann air bruaich Loch Èireasort an 2006 a chuala an neach-ealain Déirdre Ní Mhathúna a’ chiad iomradh air a chleachdadh seo aig Donalasdair Mac a’ Ghobhainn, ’s e bruidhinn air na fuaimean a bha tighinn thuige air a’ bhlàr a-muigh, an Ceòs far na thogadh e.

Mar a dh’inns e fhèin “An lùib a’ chòmhraidh thàinig rud gum chuimhne a dh’innse mo mhàthair dhomh, mun eaglais a bha air Eilean Thabhaidh agus muinntir Gheàrraidh Bhàird ’s Ceàrsadair ’s bailtean taobh thall an loch, a’ tighinn ’s a’ falbh aiste.

Mar a bhiodh iad madainn Diluain an dèidh nan òrdaighean a’ leigeil beannachd le chèile, thogadh cuideigin air tìr sailm, agus bhiodh duine anns gach eathar a chumail an t-sailm a’ dol, ’s grunn eathraichean air an cùrsa fhèin a-mach an loch.

Anns a’ chòmhradh thàinig mo mhac-meanmhna fhìn a-steach ann. ’S e fuaim àlainn a bhiodh an sin. Tha fhios againn air an uisge gun tig fuaim thugad tòrr nas fheàrr.”

Bha mi ga innse don neach-ealain Déirdre Ní Mhathúna agus bha mi a’ faicinn gun do ghluais suid a h-inntinn fhèin ann an dòigh. Thuig na daoine a bha ’n làthair an latha ud gun robh seo na bhoillsgeadh air rud a bha air a dhol air dhìochuimhne, dòighean a bh’ aca bho chionn fhada. Am feasgar sin chuir iad romhpa, feuchainn ri an cleachdadh a thoirt beò aon uair eile.

Thàinig seo gu buil le taic bhon bhuidheann saor-thoileach Falmadair a tha a’ gabhail cùram nan seann eathraichean shiùil agus chruinnich daoine à iomadach ceàrnaidh anns a’ Cheòs 2011. Chaidh na sailmean a sheinn fo sheòl a-rithist an Crosbost 2013 agus Fèis nam Bàtaichean an Steòrnabhagh 2018.

An 2011 thòisich an còmhradh: cò a bhiodh an ceann nan sailm, na ministearan a bha anns an sgìre bho chionn fhada, luchd-dreuchd a bha cumhdachdadh anns an ùrnaigh.

Cò na taighean a bhiodh làn aig àm nan òrdaighean. Na cleachdaidhean aig àm òrdaighean, an astar a bha daoine a’ coiseachd gu searmain òrdaighean, na strainnsearan a bhiodh a’ tighinn chun nan òrdaighean, na dùsgaidhean an Geàrraidh Bhàird ann an 1938.

Na daoine aig an robh na h-eathraichean uaireigin, tiodhlaicean a’ tighinn dhan chladh air an eathar, bainnsean a’ tighinn air an eathar. Cò na daoine a bha a’ dèanamh dàin spioradail agus dè bha nam beatha. Chaidh bileagan pàipeir le laoidhean a thoirt às na preasan a chuairteachadh agus a sheinn mar phàirt de Phròiseact Bàta nan Salm. Oidhcheannan le pòitean teatha is duff, seanchasan ’s càirdeas ’s sailmean ’s laoidhean gan seinn.

Thòisich an clàradh, thàinig deilbh nan eathraichean le na daoine, thàinig cuireadh à sgìrean eile far an robh an aon chleachdadh uaireigin: Ùig, Càrlabhagh, Scalpaigh. Chlàradh duine na dhithis ’s iad nan òige a’ tighinn a-nall air Loch Èireasort anns na h-eathraichean, or cha do sguir an cleachdadh gu mu dheireadh na 1950an. Bha cuideachd grunn a bha làidir sa bhuidheann, air na bàtaichean iasgaich a’ dol gu Òrdaighean Scalpaigh, mus tàinig an drochaid.

Thàinig daoine a bha dèidheil air na h-eathraichean an uair a bha tachartasan aig muir, a’ seinn nan salm ged nach robh iad air leithid a rud a dhèanamh a riamh nam beatha. Nochd luchd-ealain a dhèanamh film, bàrdachd agus ealain lèirsinneach, à seo fhein ’s à Aimeireagaidh ’s an Roinn Eòrpa.

As t-samhradh anns Na Bàigh anns na Hearadh, fhuair dà fhichead neach-turais às an t-Suain agus às an Fhraing, blas de na sailmean Gàidhlig. Cha chuala iad a riamh a leithid.

Thàinig cuireadh bho mhuinntir nam Bàgh, leithid a thachartas a bhith ann gach samhradh, Hearaich agus Leòdhasaich cruinn a chumail na sailmean Gàidhlig air beulaibh an t-sluaigh.

Chaidh am buidheann coimhearsnachd Bàta nan Salm gu àitichean far an robh seirbheisean air an cumail a-muigh san achadh, gu àite nan òrdaighean an Gleann Bhaltois an Ùig, thogar na sailm aig Cladh agus Eaglais Baile nan Cille. Turas air a’ chabhsair eadar tràghadh ‘s lìonadh gu ruige Eilean Colm Cille an Loch Èireasort.

Chualas an sgìre Uig gum biodh an coithional a’ tighinn às an Scarp, Beàrnaraigh Leòdhais ’s à Càrlabhagh air na h-eathraichean. An Ceann a Deas na Hearadh bhiodh sgothan à Beàrnaraigh agus Scalpaigh a’ tighinn gu tìr air cùl Eaglais Mhànais

Chuala sinn an Scalpaigh mar a bhiodh an tìdsear a’ leigeil a’ chlann chun a’ chidhe madainn Diluain nan Òrdaighean, ach am faiceadh ’s gun cluinneadh iad, ’s gum biodh iad nam pàirt den chleachdadh, a’ leigeil beannachd le srainnsearan nan òrdaighean.

Chuala sinn An Scalpaigh mar a bhiodh an tidsear a leigil a’ chlann chun a’ chidhe madainn Diluain nan Ordaighean, ach a faiceadh ’s gun cluineadh iad, ’s gium biodh iad nam pàrt den chleachadh, a leigeil beannachd le srainnsearan nan òrdaighean.

Tha a’ choimhearsnachd a tha an lùib Bàta nan Salm a’ coinneachadh uair sa mhìos agus ’s ann ’s a’ Ghàidhlig a bhios a’ choinneamh. Tha sinn a’ cur fàilte air gach duine a thighinn dhan chuideachd agus tha duilleag againn air Facebook le deilbh agus cuid de na seanchasan mun àite a bha aig na sailmean Gàidhlig ann an cleachdaidhean na coimhearsnachd anns na h-eileanan.

Magaidh Nic a’ Ghobhainn, Pròiseact Bàta nan Salm. Published in Na Duilleagan Gaidhlig Life and Work

Leave a Reply