Staing na Gaidhlig

’S iomadh atharrachadh a thàinig air na bailtean ann an Leòdhas anns na deich bliadhna mu dheireadh agus tha an leabhar The Gaelic Crisis in the Vernacular Community a’ dearbhadh gum bi a thuilleadh ann, mura tèid sinne air ar casan.

Tha cuid nach eil mothachail gun deach a ‘choimhearsnachd fhagail air an iomall agus na buidhnean oifigeil  a dealbh planaichean gleansach na Gaidhlig. Cha teid an co-lionadh gu brath, gun an dualchas a tha laidir am freumhan a’ chanan anns na bailtean air an tuath.  ‘S iomadh rud a ghabhadh a ràdh, ach dh’fhalbh siud agus thàinig an cothrom seo.

Tha mi air a bhith an sàs ann an iomadach rud sna bailtean agus tha làn fhiosam mar a tha an cànan a’ seargadh às. Dìreach gun fhios gu bheil duine às na h-eileanan a’ dol às àicheadh gu bheil an cànan air crìonadh cho mòr, seo suidheachaidhean a chuir fior iongnadh ormsa anns na deich bliadhna mu dheireadh.

Bodach air Na Lochan ag ràdh “Chan fhaic mi daoine a bhruidhneas mo chànan fhìn rium, bho aon Sabainn chun an ath fhear”. Nach eil sin fhèin tiamhaidh?

Pàrant bho thaobh eile an eilein ag innse dhomh gun deach iarraidh air a’ bhalach bheag sgoile aice a dhol a bhruidhinn ri inbheach aig an robh a’ Ghàidhlig airson deich mionaidean agus sgrìobhadh mu dheidhinn an uairsin. Cha robh fhios aice-se a bha gun Ghàidhlig, càit’ an toireadh i an leanabh airson sin a dhèanamh.

Anns an dearbh mhionaid sin, bha mi mothachail air cho sgapte ’s tha na Gàidheil an seo ann an Leòdhas. Nach ann oirnn a thàinig an dà latha.

Bidh mi cuideachd a’ cluinntinn mu luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha a’ tighinn bho thall thairis chun na h-eileanan, agus chan eil iad a’ lorg duine a bhruidhneas riutha sa chànan. Mo nàire!

Tha iomadach duine air an eilean aig nach eil tuigse air an staing anns a bheil an cànan. ’S mathaid gu bheil nàbachd, no àite-obrach far a bheil a’ Ghàidhlig meadhanach làidir, ach atharraichidh cùisean ann am priobadh na sùla. An taobh a-staigh deich bliadhna tha an rannsachadh The Gaelic Crisis in the Vernacular Community ag ràdh!

Chaidh coimeas a dhèanamh air àireamhan dhaoine aig an robh a’ Ghàidhlig thairis air na cunntasan-sluaigh bho 1981.

Tha an rannsachadh ùr seo a’ moladh trì slighean air àdhart; nam bheachdsa ’s e staran gu math dorch gun dòchas a tha sa chiad dhà.

Tha an treas ceum a’ moladh dòigh ùr air beachdachadh air an t-suideachadh agus na tha romhainn, le bhith a’ cur air chois co-obrachadh le bun-stèidh a bhios fo smachd na coimhearsnachd fhèin.

’S e glè bheag às na h-eileanan a tha air bruidhinn a-mach chun na h-ìre seo, ach bidh mise deònach mo ghualann a chur ri rud sam bith far an cluinnear beachdan chàich.

Ged nach e economist a th’ annam, tha mi gu math mothachail air a’ bhuaidh a bha aig na dh’ fhàg an eilean ri linn cion cosnaidh sna deich bliadhna mu dheireadh. Taighean a’ dol bàn agus Goill gan ceannach agus a-rèir beachdan san leabhar seo, tha obraichean agus cosnadh ceart, deatamach airson coimhearsnachd na Gàidhlig a thoirt cruinn agus am piobrachadh a dhol an sàs airson an cànan a thoirt dha daoine eile.

Tha deugachadh de phlanaichean oifigeil anns na fichead bliadhna mu dheireadh, air a bhith a’ moladh an dualchais agus a’ chànain againn mar USP (Unique Selling Point). Thàinig ormsa faighneachd cuideachd. Bhathas a’ cur luach mòr san dualchas às na h-eileanan mar ghoireas, a bheireadh thugainn luchd-tadhail agus bith-beò.

Thug Covid brag air turasachd air feadh an t-saoghail agus tha na h-eòlaichean a-nise ag ràdh gu bheil a h-uile mac màthair gu bhith a’ dol air saor làithean a-nis, mothachail air glèidhteachas san àite agus a sireadh rud sònraichte nach lorg iad ann an àite eile.

Tha gu leòr anns na h-eileanan a tharraingeadh iad agus a bheireadh dhaibh tlachd agus tuigse air cànan agus dòigh-beatha nan Gàidheal. Ach ’s e am fàilteachas sin a chur air a chasan, sin far am bi an obair.

Tha mi air a bhith ag obair an cois sgrìobhadairean Gàidhlig à seo fhèin, a tha gu math tuigseach agus ealanta, a tha a’ cur an cèill an dòigh-beatha, an dàimh eadar an cànan agus an àrainneachd agus an eòlas a bhathas a’ toirt seachad le beul-aithris. Tha iadsan a’ sgrìobhadh ann an uaigneas, gun duine a ‘dh’ èisteas an òrain’.

Saoil an tug na daoine èisteachd dha Calum Mairead à Àrnol a thug an rabhadh seo seachad bho chionn còrr is trì fichead bliadhna:

 

‘Oh cuimhnichibh nach trèig sibh i, gach Gàidheal tha an-diugh beò

Cha dèan i chaoidh ar sàrachadh, ach blàths tha innte gu leòr

Nuair bhios sibh anns na fàsaichean fo àmhghar no bho leòn

Bidh rann de dh’ òran Gàidhlig dhuibh nas fheàrr na ’m botal mòr.

 

’S dùinidh mi an dàn tha seo le aithne don na h-òig’

’S do gach neach a dh’àraicheadh an eilean àlainn Leòdhais

Seo an dìleab a chaidh fhàgail dhuinn le ar càirdean nach eil beò

Nach glèidh sibh pèin gu sàbhailt i don àl a thig fa dheòigh’.

 

Magaidh Nic a’ Ghobhainn

 

http://www.cabraich.org

Leave a Reply