Eilean Chaluim Cille Loch Eireasoirt

Gospel Ship

Bhiodh daoine a-null agus a-nall air Loch Èireasort, as na h-eathraichean nam beatha làitheil agus air an t-Sàbaid. Chaidh muinntir Eathraichean nan Salm an 2017, a tha a cruinneachadh beul aithis san sgìre mu siubhal chun eaglais, gu eilean ann an Loch Eireasoirt, air a bheil Eilean Chaluim Cille.

A rèir beul aithris, bha manachainn air an eilean uaireigin agus tha rannsachadh aithnichte a dearbhadh, gun robh manachainn an ainm Chaluim Cille, stèidhte bho chionn thairis air mìle bliadhna.

Tha na h-arc-eòlaichean den bheachd gu bheil an tobhta, ris an canar An Teampall, air Eilean Chaluim Cille, a dol air ais cho fada ris an sin. Chan eil càil sgrìobhte, a bheir dearbhadh air an dòigh beatha aig an àm seo, ach smàithte gu bheil ainm àite no dhà, mu bhruaich an loch a chuireas ris an fhiosrachadh, latha breagha air choireigin

Tha baile faisg air beul an loch ris an canar Crosbost, a rèir an t-ainm bha crois ann uaireigin, ach chan eil fhios an diugh, càite an robh e.

Tha eilean beag faisg air Eilean Chaluim Cille, air a bheil An Croisealan. Tha càrn ann an diugh, ach bhathas ag ràdh, gun robh crois air muin a’ chàrn sin uaireigin, bho chionn fhada an t-saoghal.

Tha baile Chromore gu math faisg air Eilean Chaluim Cille agus tha làrach anns a’ bhaile air a bheil Leas an Teampaill. Chan eile baile Ghearraidh Bhàrd fad as agus tha a’ Bhuaile Mhanaich air ionaltradh a’ bhaile agus Sgeir na Fir Maoile anns an fhairge faisg air cladach Ghearraidh Bhàrd. ’S iongantach mar a bheil thuilleadh àitichean ann bheireadh dearbhadh air na manaich, a bha air Eilean Chaluim Cille uaireigin.

Tha an cladh a tha mun Teampall air Eilean Chaluim Cille an diugh, air a chlàradh mar àite adhlacaidh thar ceudan de bhliadhnaichean. Tha Pòrt na Marbh air taobh an ear an eilein. Tha coltas gur ann an seo a bhiodh na h-eathraichean a tighinn a steach agus a thoirt na cistichean-laighe air tìr agus a’ coiseachd tarsainn an eilein, chun a’ chladh aig an Teampall.

Tha seanchas à beul aithris a dearbhadh gun robhas a toirt adhlaicean dhan a’chladh air Eilean Cholm Cille mu 1740-50

            San aig Coinneach Bàn a bha Taca Lacasaigh agus bha e air na bràthan a thoirt, bhon na daoine a bha fuireach air an tac. ’S e bràth a bhiodh aca a’ bleith na mìne agus bha Coinneach Ban airson gun chleachdadh iad Muilinn an Tac, a bha air Abhainn Allaidh, Gheibheadh esan air cis a chur oirre, airson a bhith a dol dhan a’ mhuilinn.

Sheas An Gobha aige, cha toireadh e ga a’ bhràth. Bha An Gobha an latha seo, aig amhlaigeadh an Eilean Chaluim Cille agus chaidh innse dha, gun robh Coinneach Bàn, dol a ghabhail an cothrom, an bràth aigesan a chur dhan a’ chladach agus esan, An Gobha, air falbh bhon taigh.

            An uair a thàinig an eathar air tìr, an Lacasaigh, an dèidh an amhlaigheadh. Dh’iarr An Gobha air na fir a bha air na rèimh, iad fuireach fads an robh iad. Or bhiodh feum air an eathar airson ceann crìoch a thoirt a’ chladh Eilean Chaluim Cille s mhionaid uaireach, e fhèin no Coinneach Bàn.

An fhuair a bha an neach siubhal Martin Màrtainn a clàradh mu 1695, làraich eaglaisean a bha ann ron an Ath Leasachaidh. Chlàr e Eilean Chaluim Cille agus làrach nach eile ach astar goirid mara, Eaglais na h-Aoidhe. Eaglais eile a tha coisrichte do Chaluim Cille .

Tha an eaglais agus an cladh an sin an diugh air a chumail an àrda. Air sgath bu bheil clachan-uaighe sònraichte a’ comharrachadh adhlacadh ceann cinnidhean Clann ‘Ic Leòid .

Nach bochd nach robh fhios againn mu barrachd mun àm seo an eachdraidh an t-eilein.

The Psalm boat community in 2020, is celebrating 10 years since its inception The visit to the chapel site at St Colm Isle in Loch Erisort was in 2017. Images from the day trip, will be included in the archive and this blog is in recognition of the Colm Cille 1500 initiative.

St Colm’s Isle Loch Erisort is is but a short sea crossing from St Columba’s at Eaglais na h-Aoidhe, Point. https://uichurch.co.uk/

Leave a Reply