drama
Gaelic Drama

4 Gaelic Dramas Audio from Magaidh Smith

Thòisich mi nam phàrt den bhuidhean coimhearsnachd Cabraich a cur air adhairt deilbh cluich mu dualchas nan eilean an 2007.

An cois seo tha clàraidhean ceithir de na deilbh cluich a chaidh a chur air àrd ùrlar. Tha na sgriobtaichean rin leughadh air an ceangal làrach gu-iosal, Guthan nan Eilean agus CLILstore.

1              Os Mo Chionn Sheinn An Uiseag dealbh cluich aon guthach a sgrìobh Eric I Dòmhnallach à  Uig, mu beatha clann nighean an iasgaich mu 1920-30. (Cleasaiche Magaidh Nic a’ Ghobhainn)

2              Fo Sgàile Suaineabhal dealbh cluich aon ghuthach a sgrìobh Eric I Dòmhnallach mu luchd  obrach a bha ag obair ann an luidhse mu 1960 far am biodh na h-uaislean a tighinn an t-samhradh.(Cleasaiche Magaidh Nic a’ Ghobhainn)

3              An Cèilidhiche dealbh cluich le dithis a sgrìobh Eric I Dòmhnallach, comhradh eadar fear agus auntaidh, a tha stèidhte san latha an diugh. (Cleasaichean Ali Ban Mac Ille Fhinnein agus Magaidh Nic a’ Ghobhainn)

4              Coinneach Tormod-Mo Dhuine a sgrìobh Alasdair Caimbeul à Nis stèidhte san latha na diugh. (Cleasaiche Magaidh Nic a’ Ghobhainn)

 

Os Mo Chionn Sheinn an Uiseig

Thug còmhradh rim boireannaich nan eilean a bha aig an iasgach, Os Mo Chionn Sheinn an Uiseig beò. Eadar an obair chruaidh a bha iad a deanamh, an dòigh beatha agus an iomadh tionndadh nam beatha.

Sgrìobh Eric I Dòmhnallach à Uig, an sgriobt aon-ghuthach ’s a’ Bheurla http://www.magaidhsmith.co.uk/souvenir-of-great-yarmouth-herring-fishing/ .

Chur mi tionndadh Gàidhlig air a sgriobt agus a thilleadh air tadhal air buidhnean coimhearsnachd, as na h-Eileanan (2012-2019). Ràinig am dreach Beurla Feis Asainte an Loch an Inbhir agus Feis Na Mara an Great Yarmouth. Clàr Rèidio nan Gàidheal an dealbh cluich sa Gàidhlig agus IslesFM an dealbh cluich sa Bheurla.

An 2016 Ri linn cuireadh gu Feis Beul Aithris-Barr Mo Theanga in Iuraidh, rinn an sgrìobhadair seanchas nas giorra agus  ’s e sin a tha air an link gu h-isle. Taing ga Dòmhnall Saunders agus Isles Fm airson am clàradh seo.

Fo Sgàile Suainabhal

’S iomadh nighean às na h-eileanan aig am robh a chiad cosnadh ag obair aig na ‘toffs’ anns an Luidhse. Bhiodh iomadh seanchas annasach aca. Chaidh Peigi air ais na seann aois chun na Luidhse, far an robh i ag obair na h-òige, ri òir Tràigh Uig an Leòdhas.

Sgrìobh Eric. I. Dòmhnallach à Uig, an sgriobt aon-guthach Cucumber Sandwich, ’s a Bheurla.(2015)

Chur mi tionndadh Gàidhlig air a sgriobt airson Fo Sgàile Suaineabhal. Chaidh an dealbh cluich  ’s a’ Bheurla agus sa Gàidhlig gu buidhnean coimhearsnachd 2015-2016 agus chaidh a fiolmeadh airson an DVD Toradh. Taing ga Keith Stringer aig Uig Media airson an clàradh a dhèanamh.

 

Coinneach Tormod –Mo Dhuine

Thachair rud gòirseachail ga tè bhon taobh Siar agus an duine aice Coinneach Tarmod, air mòinteach Bhàrbhais. Chaidh i trup a Ghlaschu airson an eachdraidh a chlàradh dhan BBC agus eòlaichean gum bhith a breithneachadh air a chuis.

Sgrìobh Alasdair Caimbeul (Alasdair a Bhocsair) à Nis am sgriobt èibhinn seo an 2014. Taing ga Keith Stringer aig Uig Media airson am clàradh a dhèanamh.

 An Cèilidhiche

Chaidh fear a cheilidh air auntaidh, ach cha do chòrd an turas a bha aige ris a’ chaillich. Stèidhichte san latha an-diugh, ’s e comhairliche a bha anns am fear a thàinig a cheilidh agus thabhair gun d’fhuair esan a chruaidh fhortan.

Sgrìobh Eric I Dòmhnallach à Uig am sgriobt seo ga dithis chleasaichean Magaidh Nic a Ghobhainn agus Alasdair Ban Mac ‘Ille Fhinnein an 2016. Aig Ceilidh na Gàidhlig an Bhràdhghair, Am Bac agus Na Hearadh bha An Cèilidhiche air an àrd-ùrlar. Taing ga Dòmhnall Saunders agus Isles Fm airson an clàradh seo.

An Ceilidhiche

Sgrìobhaiche:  Eric I Dòmhnallach

Cleasachd :Magaidh Nic a Ghobhainn, Alasdair Mac Ill Fhinnein

Clàradh: Dòmhnall Saunders

Clilstore

 

Fo Sgàile Shuaineabhail

An Sgrìobhaiche: Eric I Dòmhnallach

Cleasachd: Magaidh Nic a Ghobhainn

Clàradh: Keith Stringer Uig Media

Clilstore

 

Coinneach Tormod Mo Dhuine

An Sgrìobhaiche: Alasdair Caimbeul

Cleasachd: Magaidh Nic a Ghobhainn

Clàradh:Keith Stringer Uig Media

Clilstore

 

Os Mo Chionn Sheinn an Uiseag

 

An Sgrìobhaiche: Eric I Dòmhnallach

Cleasachd: Magaidh Nic a Ghobhainn

Clàradh:Dòmhnall Saunders

Clilstore

Leave a Reply